Hide me!

gaidhlig

Le ur taic, nì sinn liosta de dh’fhaclan LGDTE (LGBTI) anns a’ Ghàidhlig. Tha sinn airson a bhith a’ brosnachadh na coimhearsnachdan LGDTE agus Gàidhlig ann an Alba. Bidh sinn air chèilidh air Glaschu, an t-Òban agus Steòrnabhagh – thig is tadhail oirnn airson srùpag is cothrom còmhraidh mu fhaclan agus ciallan!

Tha na tachartasan fosgailte don a h-uile duine aig a bheil Gàidhlig! Bidh fàilte romhaibh!


Glaschu
Dimàirt 28mh dhen
Chèitean 6.30-8.30
An Lòchran
22 Mansfield St
G11 5QP


An t-Òban
Diciadain 29mh dhen
Chèitean 6.30-8.30
Furan
Corran Halls
PA34 4AB


Steòrnabhagh
Dihaoine 31mh dhen
Chèitean 6.30-8.30
An Lanntair
Kenneth St
HS1 2DS


Bidh tì, sùgh is a leithid ann. Chan fheumar clàradh ro làimh, ach cuirear fios gus taic a chuir air dòigh do dhaoine aig a bheil ciorram. Cuir post-d gu scott [at] equality-network.org